• Baile

Ariel Killick

Fàilte gu Stàt Neo-Eisimileach Sonais! An dachaigh air an eadar-lìon aig Ariel Killick, cleasaiche agus furastaiche bhùthan-obrach a tha air duaisean a bhuannachadh & a tha air a h-ainmeachadh airson duaisean. Gheibh sibh anseo fiosrachadh mu bhùthan-obrach nan aonar no mar shreath nas fhaide, spòrs is fealla-dhà proifeiseanta ri Carachtaran Sràide, mun Chafaidh Gàidhlig is pròiseactan ealain is dràma sràide dhan choimhearsnachd ar fad. 

Bithidh Ariel ag obair ann an Alba agus Èirinn, a' leudachadh nan crìochan sa bheil am poball agus an òigridh a' fiosrachadh na Gàidhlig agus na Gaeilge, a tha a' tabhann dòigh shònraichte, ùr-ghnàthach 's spòrsail an cànan a chur far chomhair an luchd-amhairc. 

Bho 2013, tha Ariel air barrachd air 900 bùthan-obrach a lìbhreagadh airson barrachd is 245 sgoil, coimhearsnachd, buidheann & fèill air feadh na h-Alba, na h-Èireann & Èirinn a' Tuath, ag obair le nas motha na 10,000 duine cloinne, òigridh agus inbheach go dìreach agus na mìltean a' bharrachd tron obair Ealain & Dràma Sràide aici. 

"Fantastic to have something so different & so interesting... and brilliant to have in through Gaelic. The kids loved the different equipment & great to hear Gaelic spoken in an environment such as this" Ceannard Bhuidheann Shradagan, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu 

Ariel is one of a rare breed of street performers with not only:

years of professional entertainment experience in a wide range of contexts, from community to corporate & Celtic-language cultural events

• but also extensive experience as a multi-arts workshop facilitator, designing and delivering diverse workshop programmes for children & young people in both educational and extra-curricular contexts

• up to and including directing creative consultation and content design & development for entire street theatre & spectacle parades.

Ariel has also been developing Gaelic & Irish-language Rap, receiving a ''Knockout Performance" review from The Daily Record for her performance at the 2nd National Gaelic Awards. You can listen to & buy her tracks here.

Gliog air na tabaichean ar a' làimh chlì gu h-àrd airson Beurla no Gàidhlig na h-Èireann

“An amazing force of nature in its purest form - the kids are very lucky to have such a terrific role model in their midst. Sometimes I’ve been lucky enough meet people who no matter what language they speak can communicate with anyone –  Ariel is one of them.” Dan Gordon, sgrìobhadair ainmeil ann an Èirinn a' Tuath, ag obair airson Taigh-Chluich an Lyric dhan phròiseact dràma ann an sgoiltean Pat and Plain

Tha Ariel còrr is 12 bhliadhna 'na cleasaiche phroifeiseanta air trostanan, le iomadh seòrsa caractair sràide aice air son tachartasan mòr a leithid a' Mhòd Nàiseanta, Farpais Phìobaireachd na Cruinne, na Duaisean Nàiseanta Gàidhlig & Fèill Chulturail Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis, is aig na cuirmean seallaidh as motha an Èirinn gu cunbhalach còmhla ris na buidhnean seallaidh-sràide as fheàrr san dùthaich mun do dh'imrich i a Ghlaschu aig deireadh na Samhna 2012.

"One of Ireland's leading Stilt Performers" Contae An Dúin, Èirinn a Tuath

Tha Ariel cuideachd 'na Stiùiriche air a' chiad bhuidheann cleasachd sràide na Gàidhlig san t-saoghal, agus fhuair am Priob-Chafaidh Gàidhlig aca sàr-mholaidhean aig dà de na fèisean Albannach as motha ann an 2013, agus bha am buidheann cuideachd ag obair aig a' Mhòd Nàiseanta & Fèill Chulturail Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis. Faic Dràma & Ealain Sràide airson tuilleadh fiosrachaidh.

"What a great introduction to a new language! Fun! Fun! Fun! I've done Polish & Italien, this is way more fun and a great way to learn a language!" Alec, Paramedic & com-pàirtiche ann am Priob-Chafaidh Gàidhlig

Fhuair Ariel oileanachadh ann an Alba 's Èirinn, Nuadh Eabhrach, Sydney is Lunnainn, agus bho Tèatar Nàiseanta na h-Alba, tha fèill ro na carachtaran sràide aice air son tachartasan 's cuirmean cur-air-bhog corporra, caismeachdan, tachartasan is fèisean coimhearsnachd & sgoile air feadh na h-Èireann agus a-nise ann an Alba, a' gabhail a-steach maise-ghnùise iongantach, trusganan 's dealbhadh sàr-mhath de charactaran agus comadaidh, a tha i a' dèanamh às a seasamh, is bithidh na bùthan-obrach aice a' faighinn sàr-aismholadh gu math tric.

"Professional in every way possible" Sgoil-Shamhraidh McCracken

A bharrachd air seo uile, tha Dioplòma Iar-cheumnach aig Ariel ann am Foghlam Ealain Choimhearsnachd bho Cholaiste Nàiseanta Ealain & Deilbh na h-Èireann; tha i air a trèanadh 'na h-actair,'na ball de Lìonra Siorcas & Ealain-sràide na h-Alba agus de Lìonra Ealain Sràide, Siorcas & Mòr-Shealladh na h-Èireann. Tha i eòlach mar Neach-ealain Guth-thairis agus sgrìobhadair sgrioptaichean, gu h-àraidh a thaobh obair sgriobtaichte airson ionadan far a bheil caochladh sgilean siorcais, agus cleasachd sràide, air an gabhail a-steach. Gheibhear mion-chunntas den eòlas aice mar actair, sgrìobhadair agus riochdaire fo Obair Tèatair. Tha Ballrachd PVG agus teisteanas ACCESS NI aig Ariel is tha trèanadh aice ann an dìon clainne & slàinte is sàbhailteachd cuideachd.

Leis gu bheil buinteanas aig Ariel taobh a seanmhar ri Clann MhicEachairn à Siaba, Muile, agus a-rèir coltais, taobh sheanmhar a sin-seanair, Brusach bho Dunbar, tha i air a dòigh ghlan a bhith ag obair mu dheireadh thall tron Ghàidhlig, a bharrachd air a' Ghaeilge. Cho fad 's a tha fhios aca, 's ise a' chiad bhall de a teaghlach aig a bheil Gàidhlig bho chionn còrr is 150 bliadhna, agus thill i do Mhuile ann an 2013 le fiathachadh pearsanta bho Stiùiriche a' Mhòid Nàiseanta agus Mòd Ionadail Mhuile, Seonaid NicDhòmhnaill.

 © Ariel Killick 2014

™ Stàt Neo-Eisimeileach Sonais / Independent State of Happiness It's a State of Mind

Contact Me

I am available to perform at your event, deliver workshops or collaborate in event development anywhere in Ireland or Scotland.
Please feel free to ask for details: