Bùthan-obrach

A bheil sibh a' sireadh dòigh ùr spòrsail air son fiosrachadh air a' Ghàidhlig a thoirt do chlann agus d'inbhich, agus air son a' cànan a chur air adhart mar mheadhan conaltraidh feumail, taitneach agus nua-aimsireil?

 

Tha tòrr fiosrachaidh aig Ariel air a bhith ag toirt bùthan-obrach seachad, agus i air barrachd air 900 bùth-obrach a thoirt ann am barrachd air 245 co-theacsan sgoile, coimhearsnachd agus fèise, ann an Alba, Èire a’ Tuath agus Poblachd na h-Èireann, is i ag obair ri barrachd air 10,000 pàiste, deugaire & inbheach. Car son nach fhaighnich sibh mu dheidhinn pasgan bùthan-obrach / sanasachd is fealla-dhà spòrsail air stilts dhan fhèis no fèill agaibh? Tha fiosrachadh mu dheidhinn ciamar as urrainn dha Ariel pròfil an tachartais agaibh a àrdachadh no a dhèanamh nas beòthaile anseo.

Thèid aig Ariel bùthan-obrach mar seiseanan fa leth air son diofar clasaichean tro aon latha, agus b'urrainn dhuibh bruidhinn ri Ariel cuideachd mu dheidhinn pasgan de chaochladh bùthan-obrach air son fèisean seachdaine is campaichean saor-làithean, no mar phàirt de phrògraman ealain chruthachail nas leatha no de phròiseactan ealain sràide nas motha, a' gabhail a-steach dràma, deilbheadh lòchrann & cuilce, sgilean siorcais, ealain Cheilteach & ealain ghraifìtì!

 

Independent State of Happiness  PACE Halloween Stilters

 

"An amazing force of nature in its purest form - the kids are very lucky to have such a terrific role model in their midst. Sometimes I've been lucky enough meet people who no matter what language they speak can communicate with anyone –  Ariel is one of them."

Dan Gordon, sgriobhadair scriopt ainmeil ann an Èire a' Tuath as dèidh dha obrachadh còmhla ri Ariel ann am bùth-obrach dhan phròiseact dràma sgoile Pat and Plain.

Thèid agaibh iarraidh air Ariel pasgan a chur còmhla de chaochladh bùthan-obrach de dhifear seòrsaichean air son fèisean seachdaine no campaichean samhraidh/ri linn làithean-saora cuideachd! Is urrainn dha Ariel bùthan-obrach a thoirt seachad air son difear clasaichean ri linn aon latha ann an sgoiltean cuideachd, mar phàirt de phrògraman cultural is Gàidhlig.

Cuideachd, is ann dòigh math air son cosgaisean a lughdachadh cosgaisean siubhail a roinnt le buidhnean ionadail eile – car son nach fhaigh sibh amach am bitheadh ùidh aig buidhnean sgoile, coimhearsnachd no cànain eile na ur sgìre ann am bùthan-obrach spòrsail, dà-chànanach cuide ri Ariel agus i anns a' sgìre agaibh? Faighnich dhe Ariel cuideachd a' thaobh leasachaidhean-prìse sònraichte air son bùcadh ann am buidheann mar seo tro post-d a chur thuige no fònadh thuice!

"I want to thank you for your stimulating and inspiring bilingual circus skill workshops, the kids thoroughly enjoyed the experience. It was a honour to have such talented artists at our Lá Spraoi."
Sheena, Eagraiche, Latha Spòrs Samhraidh

Bùthan-obrach a tha ri fhaighinn:

Bùthan-Obrach Dà-Chànanach ann an Sgilean Siorcais

Sgeulachd - Innse & Dèanamh

Bùthan-Obrach Dràma

Ealain Ghraifìtì

Ealainean & Ceàird: Peantadh Gloine / Suncatchers Ceilteacha
Dèanamh Mosaic
Deilbheadh bho Rudan Ath-chuairtichte
Dèanamh Aghaidhean Coimheach

Am measg bùthan-obrach agus pròiseactan eile tha Deilbheadh Rudan Mòr Soillsichte às Cuilc (Wicker) & Cruaidh-Theudan (Lantern-lit Wicker & Wire-based Sculpture) air son pairèidean cuideachd, & Collage.

Gliog air na ceanglaichean ar thaobh na làimhe clì air son tuilleadh fiosrachaidh mu na bùthan-obrach as urrainn dha Ariel a thabhann.

Storytelling Storymaking a

Tha Ariel na ball iomlan de Sgeama PVG agus tha trèanadh foirmeil ann an Dìonadh Cloinne aice cuideachd, cuide ri àrachas iomlan PLI bho Equity & A-N airson bùthan-obrach a thoirt seachad.

Traènadh Foirmeil:

Dioplòma For-cheumach ann am Foghlam Ealain Choimhearsnachd bho Cholaiste Nàiseanta an Ealain agus Dealbhaidh, Baile Átha Cliath

Dràma is Teagasc a' Dràma tron Ghàidhlig – Sabhal Mòr Ostaig

Cùrsaichean Pragtaigeach Ìre a h-Aon, a Dhà agus a Trì ann an Ealain agus Ceàird Coimhearsnachd, Play Resource, Beul Feirste

Cùrsa dearbhta OCN NI ann an Stiùireadh Phròiseactan Ealain Choimhearsnachd an co-bhonn ris a' Phlayhouse Theatre, Doire na h-Èireanne.

Brùth air na ceanglaichean air an làimh chlì airson mion-chunntais air eòlas agus trèanadh Ariel ann am furastachadh nan ealain agus co-òrdanachadh thachartasan. Tha a' bharrachd ais-mholaidh bho Luchd-Deilig ri fhaighinn anseo cuideachd.

 

© Ariel Killick 2014


 

.

Contact Me

I am available to perform at your event, deliver workshops or collaborate in event development anywhere in Ireland or Scotland.
Please feel free to ask for details: