Graifìtì

 IMG 20170805 143707

Larger images of above mural available on Facebook here.

Tha bùthan-obrach anns an Ealain Ghraifìtì nan dòigh sàr-mhath ùr-ghnàthach airson a' Ghàidhlig a chur ann an cridhe nan ealainean co-aimsireil. Bithidh com-pàirtichean a' rannsachadh an tionsgalachd fhèin agus iad ag adhartachadh an sgilean teicnigeach, geur-sgrùdaidh & pongalachd riochdachaidh, an cois an eòlais air ealain àrsaidh nan Ceilteach is faclan nua-aimsireil na Gàidhlig.

• air son òigridh bho aois 8 bliadhna gu gach ìre inbhich
• thèid an lìbhreagadh mar seisean air son 2 uair a' thìde
• mar 2-3 sheisean tro 1 latha
• mar phàirt de phasgan de chaochladh bùthan-obrach ri linn 1 latha no barrachd,
• no ann an co-bhann ri deilbheadh lòchrann & cuilce air son pròiseactan ealain sràide nas motha, a' cleachdadh steansailean Ealain Ceilteach & bàrdachd
• cuid cosgaisean a' bharrachd an sàs air son uidheamachd
• bithidh e a' crochadh air a' t-sìde an gabhaidh peantaichean steallaidh a chleachdadh & feumar sin a dhèanamh a-muigh.

"Very enjoyable & engaging, well-prepared and organised - an excellent workshop for P6/7" Tidsear, Bun-Sgoil Phort Ilein, Ìle.

IMG 20170805 143707

Thèid ag Ariel dealbhan mòra ealain ghraifìtì a dhealbhachadh cuideach, na h-aonar no gu com-pàirteach ri cloinn is coimhearsnachdan, mar a tha ri fhaicinn gu h-àrd ris a' phìos a rinn i cuide ri Pròiseact Òigridh Chill Bhreanainn. 

Tha i ri fhaicinn gu h-ìosal ri pìos 'Mionchànan, Miann Mòr', a chaidh a dhealbhachadh mar phàirt d'Fhèis Tosta an Aonaidh Eorpaich & Seachdain nan Teaghlaichean aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha Ariel còmhla ri Ceannard Shabhal Mòr Ostaig, Boyd Robasdan, gu h-ìosal.

Leis gun robh an obair ealain air a' làraich fholaimh far a bheil Baile ùr na Cille Bige ri togail taobh ri Sabhal Mòr Ostaig, thàinig am pìos beag bàrdachd a-steach air Ariel is i ag obair ann..

Mo bheannachd air Bhaile ùr na Cille Bige
'S air an obair uile ann is uime,
'S e mo ghuidhe gum bi a' Ghàidhlig ann cho beò
Gun leath i air feadh a' bhaile mar an ceò
Is gum bi an sluagh ann daonnan misneachail 's a' fàs
Is sìth agus soirbheas nam measg gu bràth.

 

Airson òigridh nas sine, bithidh bùth-obrach dràma gu math mar toiseach tòiseachaidh air son còmhradh a dhèanamh mu dheidhinn gnòthaichean coltach ri cànan agus rudan eile, mar ullachadh air son co-phròiseact graifìtì... car son nach cuir sibh fios gu Ariel air son barrachd a fhaighinn amach!

Tha na bùthan-obrach seo cuideachd a' coileanadh nan amasan seo gu h-ìosal a' thaobh nan ealainean is na Gàidhlig anns a' Curraicealam airson Sàr-mhathais:

"Dh'fheuch mi raon de mheadhanan agus de theicneòlasan airson ìomhaighean agus cruthan a dhèanamh, a' cleachdadh na tuigse a tha agam air na rudan a nì is nach dèan iad." EXA 3-02a

"Tro amharc agus clàradh, is urrainn dhomh stuth a chruthachadh a tha a' toirt dealbh fhìrinneach air rudan." EXA 3-04a

"Tha saorsa agam dòighean a lorg agus a thaghadh airson ìomhaighean is cruthan a dhèanamh, a' cleachdadh diofar stuthan." EXA 0-02a

"'S urrainn dhomh faclair dà-chànanach a chleachdadh gu neo-eisimeileach airson mo chuideachadh a' tuigsin cànan ùr." LGL 3-11a

Workshop Outcomes c

 © Ariel Killick 2014

Contact Me

I am available to perform at your event, deliver workshops or collaborate in event development anywhere in Ireland or Scotland.
Please feel free to ask for details: