Fàilte gu Cafaidh Gàidhlig na Sràide - far a bheil blasadan Gàidhlig air a' chairt-bìdhe air son duine sam bith aig a bheil ùidh anns a' Ghàidhlig!

Tha cuid de na tha air a' chairt-bìdhe gu math spìosrach ach bithear a' gabhail òrain snog às a dhèidh air son daoine a chur ann an deagh-shunnd!

Dhaibh-sean aig a bheil òran Gàidhlig no dhà no a bhitheas air son beagan cuideachd Gàidhlig, bithidh fàilte chridheil orra cuideachd tadhail air a' Chafaidh air son cabadaich is spòrs, is tha rud snog againn gu sònraichte air son fileantaich cuideachd!
Cuideachd ris a' Chafaidh, thathar a' cur a' chuideim air còmhradh aotrom, dà-chananach ris an t-sluagh san dol seachad, rud a tha a' beothachadh fèis no tachartas mòr sam bith, agus dh'fhaodadh e bhith 'na chothrom air leth gus ìomhaigh thachartasan Gàidhlig ionadail a thogail. Gabhaidh atharrachadh a rèir ràithean na bliadhna (feuch gum faighnich thu mu Chafaidh na Nollaige an-dràsta!), tha an gazebo fhèin aige agus chan eil riatanasan teicnigeach sam bith aige.
Chaidh Priob Chafaidh na Gàidhlig a chur air bhog aig an fhèis ioma-chultarach as motha an Alba, Mela Ghlaschu agus lean e air aig Fèis Bhaile nam Marsantach ann an Glaschu, a' faighinn sàr-mholaidhean bhon chaochladh chompàirtichean a chithear gu h-ìosal, mun deach e gu Béal Feirste san Dàmhair 2013 mar phàirt de Latha Fosgailte Skainosfest/Misean Bhéal Feirste an Ear ann am Baile Nua na h-Arda agus aig a' chuirm mhòr Ghaeilge 'Cearta is Ceiliúradh'. Tha sinn air leth toilichte cuideachd gun robh a' Cafaidh na phàirt de Mhòd Rìoghail Nàiseanta Inbhir Nis ann an 2014 agus de Fhèill Sràide Inbhir Nis goirid às a dhèidh sin!
Faodaidh an Cafaidh Gàidhlig tadhal air sgoiltean cuideachd mar Dhràma ann am Foghlam is bùthan-obrach spòrsail sprogail a tha air an dealbhachadh gu sònraichte gus cuideachadh ri sgoilearan briathachas mu dheoch is bhiadh a chleachdadh gu gnìomhach airson clasaichean P4 - S3. Tha Maighister Eoghan Stewart, Tidsear Gàidhlig aig Acadamaidh Alanais, ri fhaicinn gu h-ìosal 'anns a' Chafaidh' air a' chiad chuairt air sgoiltean na sgìre, rud a chuidich esan ri cur air dòigh ann an co-bhann ri High Life Highland:

Beachdan air Priob Chafaidh na Gàidhlig:
Bhidio le compàirtiche a' chafaidh, Alec
Bhidio le compàirtiche a' phriob chafaidh, Con
"Fabulous experience. A good way to promote our heritage and language."
"Great stuff! People are really getting into it!" (Duine le Gàidhlig / Gàidhlig-speaker)
"What a great introduction to a new language! Fun! Fun! Fun! Thank you, Grazie, Dzien Dobre... "I've done Polish & Italien, this is way more fun and a great way to learn a language!"
"It's really great to see Gaelic at the festival. There should definitely be more of this."
"I think it's highly entertaining and a conducive learning environment. Very enjoyable."
"This was great! As a tourist it was very educational"
"Good to see Gaelic represented and a fun way to interact"
"Thumbs up!"
"I enjoyed attempting the song! Bonus was the tea and shortbread"
"My husband and I are both doctors and we feel it's important to be able to speak to all of our patients in their native language so we were glad to get the chance to learn these phrases in Gaelic."
"It's been very entertaining to learn some naughty bits and for my friend to learn something useful too! And thanks for tea and shortbread."
"Very entertaining, informative, friendly, makes me want to find out more"
"Great fun and educational too!"
"Great fun! Surprisingly useful in my employ (sic)".
"It was great, friendly and welcoming to the public! Can't wait to see more!"
"I really enjoyed it & think the language should be kept alive. Thank you!"
"Really good – enjoyed it. Well done Glasgow!"
"Great idea – puts us in touch with our cultural roots."
"Fantastic to see efforts made to see the legacy of Gaelic continue, important to keep heritage language".
"Thank you! Very fun and hospitable!"
"Pòg mo thòin!" - two excitable teenagers as they passed us after learning 'Naughty Bits' at the Café..
Thathar gu mòr an comain an taic-airgid a fhuaras aig toiseach gnothaich bho mhaoin lìonra Dràma na Gàidhlig, 's an taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail, An Lòchran, Glaschu Beò & Fèis Bhaile nam Marsantach gus bun-bheachdan Priob Chafaidh na Gàidhlig agus Aiseag Mòr na Gàidhlig a leasachadh. Chaidh an dealbhadh le Stiùiriche sònaSonas, Ariel Killick, ag obair còmhla ri Catrìona Leacsaidh Chaimbeul, Beth Frieden, Dòl Eòin MacFhionghain & Coinneach Iain MacRàth.




Gheibhear an làrach-lìn air son a' cheum bho Mhàrt chun an Lùnastail 2013 den obair aig www.sonasonas.co.uk
© Ariel Killick 2014