|
Larger images of above mural available on Facebook here. Tha bùthan-obrach anns an Ealain Ghraifìtì nan dòigh sàr-mhath ùr-ghnàthach airson a' Ghàidhlig a chur ann an cridhe nan ealainean co-aimsireil. Bithidh com-pàirtichean a' rannsachadh an tionsgalachd fhèin agus iad ag adhartachadh an sgilean teicnigeach, geur-sgrùdaidh & pongalachd riochdachaidh, an cois an eòlais air ealain àrsaidh nan Ceilteach is faclan nua-aimsireil na Gàidhlig. "Very enjoyable & engaging, well-prepared and organised - an excellent workshop for P6/7" Tidsear, Bun-Sgoil Phort Ilein, Ìle. Thèid ag Ariel dealbhan mòra ealain ghraifìtì a dhealbhachadh cuideach, na h-aonar no gu com-pàirteach ri cloinn is coimhearsnachdan, mar a tha ri fhaicinn gu h-àrd ris a' phìos a rinn i cuide ri Pròiseact Òigridh Chill Bhreanainn. Tha i ri fhaicinn gu h-ìosal ri pìos 'Mionchànan, Miann Mòr', a chaidh a dhealbhachadh mar phàirt d'Fhèis Tosta an Aonaidh Eorpaich & Seachdain nan Teaghlaichean aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha Ariel còmhla ri Ceannard Shabhal Mòr Ostaig, Boyd Robasdan, gu h-ìosal.
Leis gun robh an obair ealain air a' làraich fholaimh far a bheil Baile ùr na Cille Bige ri togail taobh ri Sabhal Mòr Ostaig, thàinig am pìos beag bàrdachd a-steach air Ariel is i ag obair ann.. Mo bheannachd air Bhaile ùr na Cille Bige
Airson òigridh nas sine, bithidh bùth-obrach dràma gu math mar toiseach tòiseachaidh air son còmhradh a dhèanamh mu dheidhinn gnòthaichean coltach ri cànan agus rudan eile, mar ullachadh air son co-phròiseact graifìtì... car son nach cuir sibh fios gu Ariel air son barrachd a fhaighinn amach! Tha na bùthan-obrach seo cuideachd a' coileanadh nan amasan seo gu h-ìosal a' thaobh nan ealainean is na Gàidhlig anns a' Curraicealam airson Sàr-mhathais: "Dh'fheuch mi raon de mheadhanan agus de theicneòlasan airson ìomhaighean agus cruthan a dhèanamh, a' cleachdadh na tuigse a tha agam air na rudan a nì is nach dèan iad." EXA 3-02a "Tro amharc agus clàradh, is urrainn dhomh stuth a chruthachadh a tha a' toirt dealbh fhìrinneach air rudan." EXA 3-04a "Tha saorsa agam dòighean a lorg agus a thaghadh airson ìomhaighean is cruthan a dhèanamh, a' cleachdadh diofar stuthan." EXA 0-02a "'S urrainn dhomh faclair dà-chànanach a chleachdadh gu neo-eisimeileach airson mo chuideachadh a' tuigsin cànan ùr." LGL 3-11a
© Ariel Killick 2014 |
|