Acrobatics

Ann an 2012 & 2013, bha mi a' cur ris an fhiosrachadh agam air an ealain cuide ri sàrluchd teagaisc bho air feadh a' t-saoghail, agus ri linn na Nollag 2012, thàinig companaidh film bho Bheul Feirst a-null gu Glaschu air son beagan filmigidh a dhèanamh mu dheidhinn mo chuid obrach – tha cuid dealbhan bhon obair acrobaitic a bha na chuid den phròiseact sin ri fhaicinn gu h-ìosal, agus an bhidio fhèin dìreach fodhpa siud.

ariel  ben a

Cha robh ach beagan ùine againn air son pìos a dhealbhachadh, agus gun mise a bhith an sàs anns an acrobaitic air son dà bhliadhna agus mi a' fòcasaigeadh air obair air na casan àrd, ach tha mi gu math taingeil dha Northern Vision air son tighinn thugam ris a' bheachd an toiseach, dha Ben Collis air son na thug e fhèin dhan obair agus dha Olga Kirillova air son an uidheamachd peantaidh a thoirt air iasad dhomh agus cuideachadh a thoirt agus an ùine a' ruith orainn! Tha mòran air athrachadh bhon uair sin ri linn an turais seo agam tron bheatha ach tha am fiolm na shealladh snog air uair shònraichte na mo bheatha co-dhiù..

Ariel Killick - Ard-Siamsaíochta bho Northern Visions NvTv air Vimeo.

© Ariel Killick 2014

Contact Me

I am available to perform at your event, deliver workshops or collaborate in event development anywhere in Ireland or Scotland.
Please feel free to ask for details: